Maggie MacInnes

'S Toil Leam An Ciobair


Print songSend correction to the songSend new songfacebooktwitterwhatsapp


O 's toil leam an cìobair
Chan eil coir' ort ri ìnnse
Thu bhith fàgail na tìre
A dh'fhàg m'ìnntinn fo leòn

Nuair a thèid thu dhan mhunadh
Le'd ghunna 's le'd' chuilein
Nuair a thèid thu air t' uillinn
Bheir thu fuil a damh cròic

Nuair a thèid thu do'n aonach
A shealltainn nan caorach
Gheibhinn leisgeul nam faodainn
Gus a ghaoil bhith nad' chòir

'S truagh nach robh mi 'san iarr'as
Ma faca mi riamh thu
'S fios 'm fhìn nach mi chiad te
Fhuair briathran do bheòil

'S truagh nach robh mi 'san anart
Ciste chaol nam bòrd tana
Mu'n d'fhuair mi do ghealladh
'S 'n am thàini' tu 'm choir

The most viewed

Maggie MacInnes songs in January